Gàidhlig / English
Books

Dachaigh

Fàilte gu DASG, Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig, tasgadh air-loidhne airson sgrìobhainnean didseatach agus goireasan leicseachail airson Gàidhlig na h-Alba. Tha dà phrìomh roinn ann an DASG, Corpas na Gàidhlig agus Faclan bhon t-Sluagh.

Tha Corpas na Gàidhlig ag amas air corpas dealantach iomlan a thabhann de sgrìobhainnean Gàidhlig na h-Alba do dh’oileanaich agus luchd-rannsachaidh air cànan, litreachas agus cultar Gàidhlig na h-Alba. Tha Corpas na Gàidhlig a’ toirt stèidh theacsail airson a’ phròiseict eadar-oilthigheil, Faclair na Gàidhlig, air am bi faclair eachdraidheil na Gàidhlig air a stèidheachadh.

Is e cruinneachadh de dh’fhiosrachadh a chaidh fhaighinn bhon t-sluagh a tha ann am Faclan bhon t-Sluagh (ceisteachain, liostaichean-fhacal agus clàraidhean fuaim) bho air feadh sgìrean Gàidhealach na h-Alba agus Alba Nuadh eadar na 1960an agus na 1980an mar phàirt dhen chruinneachadh fiosrachaidh airson Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG), a bha stèidhte aig Roinn na Ceiltis eadar 1966 agus 1997.

Is e pròiseact ùr a thathar a’ leasachadh, agus air a chumail fo sgèith DASG, a tha ann an Seanchas, agus bidh e mar làrach fiosrachaidh air clàraidhean fuaim Gàidhlig a tha air an cumail ann an ionadan air feadh an t-saoghail.

Tha riaghailtean cleachdaidh ann airson na làraich seo. Leugh iad gu cùramach mus tèid thu gu duilleag sam bith eile air an làrach.

Ma chleachdas tu goireasan DASG nad chuid rannsachaidh, dh’iarramaid gum biodh aithne iomchaidh air a toirt. Gus molaidhean air mar a bheirear iomradh air DASG, brùth an seo.

Tha ùidh mhòr againn ann a bhith a’ faighinn iomraidhean agus leth-bhreacan de dh’fhoillseachaidhean a bhios a’ cleachdadh ghoireasan DASG. Bidh iad sin air an cur air earrann nam foillseachaidhean air làrach-lìn DASG.